10.12.2010

Dienstag Dictung XXVII; 'Illean bithibh sunndach

Picture
Richardson

'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thigh'nn beò ann,
'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse 

'Illean cridheil gaolach,
Togaibh rithe h-aodach,
Tha buidheann mo ghaoil-sa,
Dihaoine dol a sheòladh 

'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thigh'nn beò ann,
'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse

Gur mise tha gu cianali,
A' fàgail a' Chrianain,
A' dol don dùthaich fhiadhaich,
A dh'iarraidh ar lòin as

'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thigh'nn beò ann,
'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse

Gur mise tha fo ghruaimean,
A' dol a shiubhal chuantan,
Tha 'n t-soitheach dubh a' gluasad,
Gu muladach a sheòladh

'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thigh'nn beò ann,
'Illean bithibh sunndach,
A-null air a' bhòidse
Translation and performance here.

No comments:

Post a Comment

MATTHEW ROY. All rights reserved. BLOG DESIGN BY labinastudio.