5.11.2010

Dienstag Dictung V; Fear a’ Bhàta

Picture

Fhir a’ bhàta sna hò ro èile,
Fhir a’ bhàta sna hò ro èile,
Fhir a’ bhàta na hò ro èile,
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an tèid thu

'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde,
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta,
An tig thu 'n diugh no 'n tig thu màireach ?
'S mur tig thu idir gur truagh a tha mi

Fhir a’ bhàta sna hò ro èile,
Fhir a’ bhàta sna hò ro èile,
Fhir a’ bhàta na hò ro èile,
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an tèid thu

Tha mo chridhe-sa briste brùite,
'S tric na deòir a' ruith o m' shùilean,
An tig thu 'n nochd no 'm bi mo dhùil riut?
No 'n dùin mi 'n doras le osna thùrsaich?

Fhir a’ bhàta sna hò ro èile,
Fhir a’ bhàta sna hò ro èile,
Fhir a’ bhàta na hò ro èile,
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an tèid thu 

-- Traditional Scottish Gaelic

Enjoy a performance and translation 
here!

No comments:

Post a Comment

MATTHEW ROY. All rights reserved. BLOG DESIGN BY labinastudio.